Màiri Mhòr nan Òran:
|
B' e boireannach mòr foghainteach a bha measail air co-chomann a bh' ann am Màiri. Am measg nan caraidean aice bha an t-Oll. Iain Blackie. Bhiodh breacan a rinn i dha air an-còmhnaidh, agus chaidh a chur air a' chiste aige aig àm a thiodhlacaidh. Chaidh am pàtran a pheuntantadh mar 'Breacan Blackie' a bhiodh Màiri a' reic mar rugaichean no beannagan.
An dèidh tinneas goirid, chaochail Màiri air 3 Samhain 1898 's i a' tadhal air Port Rìgh. Chaidh a tiodhlacadh ann an cladh Gàrradh a' Chaibeil, far an do thog Teàrlach Friseal Mac an Tòisich BP carragh-cuimhne dhi. Chaidh clàr mar chuimhneachan oirre a leigeil ris ann an 1966 ann an Sgèabost san Eilean Sgitheanach. |













